new icn messageflickr-free-ic3d pan white

Loch Lomond

milarrochy bay.

 

View On Black

 

Air sgiath a' seoladh nan neoil

'S an domhain liath

Mar dhealbh a' tighinn beo tro na sgothan

'S mi a' tilleadh gu tir

 

Alba nam beanntan ard

Nan acraichean lom

Thairis air na lochan mointich

Nan coilltean 's nan gleann

 

Alba

 

Alba

 

Ach 'se sealladh leointe is gann

Tha an seo aig ceann thall an linn

Talamh alainn nan daoine

Fhathast an lamhan duine no dithis

 

Cuibhlean stolda mu dheas

Na fasaichean a tuath

An taigh-mor falamh an Dun-Eideann

Gun chumhachd gun ghuth

 

Alba

 

Alba

 

Sibhse chuir achadh ri achadh

Taigh ri taigh

Gus nach bi ait anns an tir

An gabh sibh comhnaidh air leth

 

Ach 's math dhomh bhith seo an drasd

A cur failt air a' bhlas

'San tir a tha cho ur dhomh an diugh

Is a bha i nuair bha mi 'nam phaisd

 

Alba

 

Alba

lyrics by runrig

 

4,486 views
30 faves
179 comments
Taken on January 25, 2009